Chaidh moladh Ofcom airson an ath-shuidheachaidh aontachadh le Jenny Gilruth BPA, Rùnaire a’ Chaibineid airson Foghlam agus Sgilean aig Riaghaltas na h-Alba. Frithealaidh Marion air a’ Bhòrd airson teirm de cheithir bliadhna bho 1 Ògmhios 2023.
Chaidh Marion Nic na Ceàrdaich a suidheachadh an toiseach air Bòrd MG ALBA air 1 Ògmhios 2019. Tha i air a bhith na Ceannard air Foillseachadh Alba (buidheann malairt agus leasachaidh agus carthannas) bho 2008 agus tha i air a bhith ag obair san earrann foillseachaidh leabhraichean airson còrr air 35 bliadhna.
Tha Marion cuideachd na ball de bhòrd Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig (do bhrìgh oifige) agus BookSource, cho math ri bhith na ball de chomataidh Buidheann Comhairleachaidh Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig, agus pannal Foillsichear na Bliadhna aig an Saltire Society. Is ann à Barraigh a tha Marion ach tha i a’ fuireach agus ag obair ann an Dùn Èideann.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh
Fo Achd Conaltraidh 2003, is e raon-ùghdarrais MG ALBA (ainm-obrach Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil raon farsaing agus eadar-mheasgaichte de phrògraman telebhisean de dh’àrd-chàileachd sa Ghàidhlig air an tairgse do dhaoine ann an Alba.
Mar a chaidh a mhìneachadh ann an earrann 183A(5)(b) de Achd Craolaidh 1990, feumaidh buill bòrd MG ALBA a bhith a’ gabhail a-steach ball a chaidh ainmeachadh leis a’ BhBC.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu shuidheachaidhean air Bòrd MG ALBA sa Mheòrachan Tuigse eadar Riaghaltas na RA, Riaghaltas na h-Alba agus Ofcom.